Eilean Sgiathanach Nam Buadh
[Fonn / Tune]
Thoir mo shoraidh dha'n taobh tuath,
Eilean Sgiathanach nam buadh,
'N t-eilean sin d'an thug mi luaidh,
Ait is bòidhche fo na neòil;
Thoir mo shoraidh dha'n taobh-tuath.
Ann an toiseach a' mhios Mhàirt,
Dh'fhàg mi eilean gorm mo ghràidh,
Sneachd na thorran air an làr --
Dh'fhàg siud mo mhàthair fo leòn.
Thoir mo shoraidh dha'n taobh-tuath.
Dh'fhàg siud mo phiuthair fo thùrs'
Mi 'bhi fàgail na dùthch';
Nuair a chuir mi ri mo chùl
Bho 'dà shùil gun 'shil na deòir.
Thoir mo shoraidh dha'n taobh-tuath.
Anns a' mhaduinn moch Diardaoin
Leig sinn a' long mhór fa sgaoil;
Dh'fhàg i'n oidhche sin a' Mhaoil,
Rachlin is Maol na h-Oa.
Thoir mo shoraidh dha'n taobh-tuath.
Anns a' mhaduinn moch Diluain
Bha i ciadan mìl' bho Chluaidh;
Fhuair na balaich na 'bha uath',
Farsuinneachd a' chuain fo 'sròin.
Thoir mo shoraidh dha'n taobh-tuath.
'S cuimhneach leam nuair bha mi maoth
Buachailleachd a' chruidh 's an laogh,
Long 'nan crannag ri mo thaobh,
'S biorain fraoich 'na slatan seòl.
Thoir mo shoraidh dha'n taobh-tuath.
B'fheàrr leam fhìn na mìle crùn
Mi 'bhi nochd air tìr 's an Dùn,
'S mi gun coiseachd le sunnd
Rathad mor aig clann Mhic Leòid.
Thoir mo shoraidh dha'n taobh-tuath.
Nuair a chì mi bràigh a' Bhàigh,
'S a bheir mi sùil air gach àit';
Chì mi Bhaternis mo ghràidh,
'S dìtheanan air bhàrr an fheòir.
Thoir mo shoraidh dha'n taobh-tuath.
Chan e meud mo bhròin an dràsd'
Thug orm tòiseachadh air dàn,
Ach gun innsinn dhuibh mar bha
Coimhead na "Craigard" fo sheòl.
Thoir mo shoraidh dha'n taobh-tuath.