Eilean Uaine Fo Cheò

[Fonn / Tune]



Fada bhuam thar a' chuain,
Eilean uaine fo cheò,
Eilean Sgìtheanach nam buadh,
Eilean buadhmhor nam bò.

Tha do bheanntan aoibhneach àrd
Os cionn chàich sealltainn sìos;
Nuair nì 'n samhradh 'n cur fo bhlàth,
'S glòrmhor àilleachd am fiamh.

Cò a chunnaic riamh do thràigh
Agus àilleachd do thìr,
Nach b'e dhùrachd a bhith tàmh
'N eilean àlainn mo chridh'?

Nuair a chaochlas nàdar snuadh
'S thig do chluaintean fo ròs,
Cha do dheàlraich grian nan speur
Riamh air sléibhtean a's bòidhch'.