Falt Trom, Trom Dualach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Falt trom, trom dualach,
Falt buidhe mu do ghualainn,
Falt is grinn' a chualas,
Na dhual air mo chruinneag-sa.


A dol an àrd na staighreach,
Gun solus is gun soillse,
'S mi cuimhneach' air a' mhaighdean;
A chum an raoir bho chadal mi.

Air feasgar ciùin samhraidh
'S mi siubhal air a' chabhsair,
Cò 'choinnich rium ach m'annsachd
Aig seann tigh nan gloineachan.

'S e thusa 'bhi cho bòidheach,
Is mise 'bhi cho gòrach,
'S an gaol a thug mi òg dhuit,
An diugh 'gam leòn le aithreachas.

Tha cùl do chinn cho àluinn,
'S gur grinn thu aig an t-snathaid,
Cò chunnaic riamh air sràid i
Nach gràdhaicheadh mo leannan-sa?

'S tha thusa 'dol a phòsadh,
Is mise 'dol a sheòladh
Air long nan trì crann àrda
'S gur brònach leam an dealachadh.