Far An Robh Mi 'N Raoir
[Fonn / Tune]
Chan eil fios aig duin' air thalamh
Far an robh mi'n raoir;
Cha robh leam ach Màiri Ailein
Far an robh mi'n raoir;
Fhuair mi gealladh bho mo chaileig,
Beul nach canadh foill,
Ann an gleannan caoin a' bharraich
Far an robh mi'n raoir.
Bha na h-eòin a' seinn le caithream
Far an robh mi'n raoir;
Iad a' danns' air bhàrr nam meangan
Far an robh mi'n raoir;
Fàile cùbhraidh driùchd is meala
Far an robh mi'n raoir;
Cha robh smùid no stùir a' bhaile
Far an robh mi'n raoir.
Cha robh feum air gréin' no gealaich
Far an robh mi'n raoir;
Bàrr nan craobh a' sgaoileadh tharainn
Far an robh mi'n raoir;
Le mo ghaol as caoile mala
Dh'fhan mi seal dhe'n oidhch'
Measg nan neòinean bòidheach, geala
Far an robh mi'n raoir.
Cha robh smaoin air maoin no fearann
Far an robh mi'n raoir;
Cha robh stòr no òr air m'aire
Far an robh mi'n raoir;
'S cha robh lùchairt riamh air thalamh
Ann an dreach 's an loinn
Air am fàgainn sgàil a' bharraich
Far an robh mi'n raoir.
Bidh mi cuimhneachadh ri'm mhaireann
Far an robh mi'n raoir,
'S air an òigh bho'n d'fhuair mi gealladh
Far an robh mi'n raoir;
Gus an càirear mi san anart
Cha tig smal no foill,
Air mo ghràdh do Mhàiri Ailein
'S far an robh mi'n raoir.