Fear Dhùn-Treò

[Fonn / Tune]



'S tha iad uile gu bhith agad,
Bi 'nad fhaicill, Fhir Dhun-Treò,
'S tha iad uile gu bhith agad,
Bi 'nad fhaicill, Fhir Dhun-Treò.

'S tha mi leam fhìn 'san t-seòmar mhullaich,
'S fuaim na drumadh ri Dun-Treò,
'S tha mi leam fhìn 'san t-seòmar mhullaich,
'S fuaim na drumadh ri Dun-Treò.

'S gur mise 'n gille beag a bh'agad
O chionn fada, Fhir Dhun-Treò,
'S gur mise 'n gille beag a bh'agad
O chionn fada, Fhir Dhun-Treò.

'S gur mis' Iain Beag mac an t-saoir
A bha buachailleachd nan laogh
Feadh nam monaidhean 'sa fhraoich,
A mach ri taobh nam beann mór.

'S tha iad uile gu bhith agad,
Bi 'nad fhaicill, Fhir Dhun-Treò,
'S tha iad uile gu bhith agad,
Bi 'nad fhaicill, Fhir Dhun-Treò.