Feasgar Agus Ceò Ann
[Fonn / Tune]
Feasgar agus ceò ann, ‘s mi ‘n Steòrnabhagh nan sràid,
Bha iad de gach seòrs’ ann, is móran de luchd-ceàird,
Chan fhaca mi nas bòidhch’ ann na luchd a’ chòmhdaich bhlàth,
A’ bhriogais ghorm ‘s a’ bhòtunn, ‘s am peitean mór gu h-àrd.
‘S ann an eilean Leòdhais a tha na seòid as fheàrr,
Gu tarruing air na ròpan ‘s gu “seatadh” na siùil àrd,
Gu treabhadh nan cuan uaine ‘s gu cumail cruaidh am bàt’,
‘S cha toir na Gallaibh buaidh orr’ gun téid an cuan ‘na thràigh.
Bha mi ann an Alba ‘s dh’fhalbh mi air gach taobh,
Bha mi ann an Sasuinn am measg nam fasan ùr,
Ràinig mi America, far bheil a’ choille dlùth,
Is bheirinn cruinneag bhòidheach à Leòdhas bheag mo ghaoil.
Ma bhios cùisean còrdaicht’, ‘s gun téid na dòighean leinn,
Bidh seasamhan pòsaidh ann, ‘s bidh ‘n òigridh againn cruinn;
Bidh cuid a’ gabhail òrain ann, ‘s “melodian” ‘ga sheinn,
Fasan muinntir Leòdhais ‘s na sabhlaichean a’ danns’.
Tha fasan ac’ an còmhnuidh an Leòdhas bheag mo mhiann,
Bhith ri buain na mònach nuair a bhios an treabhadh dèant’,
A’ cur a’ chruidh gu mòintich, ‘s a’ còmhnuidh air an t-sliabh,
‘Gam buachailleachd ‘s na leòidean, ‘s ‘gam bleoghan leis an fhiar.