Fhir an Leadain Thlàth
Fhir chùl dualaich chleachdaich,
'S bòidhche snuadh ri fhaicinn;
Tha do ghaol an tasgaidh
'N seòmar glaist' nam fheòil.
Fhir an leadain chraobhaich,
B'òg a rinn thu m'aomadh;
Thug thu mi o'm dhaoine
Fhuair mo shaothair òg.
Fhir an leadain laghaich,
'S tu mo rùn 's mo roghainn,
Nan sguireadh tu thadhal
'S an tigh 's am bi'n t-òl.
An toiseach a' gheamhraidh
'S ann a ghabh mi geall ort.
Shaoil leam gum bu leam thu,
'S cha do sheall thu 'm chòir.
'N gàire rinn mi 'n uiridh
Chuir mo cheum an truimead.
'S mise tha gu duilich,
'S muladaich mo cheòl.
Fhir an leadain thlàth,
Dh'fhàg thu mi fo bhròn.
Tha mi trom an dràsd'
'S e sin fàth mo dheòir.