’Fhleasgaich Oig
[Fonn / Tune]
‘Theàrlaich òig a’ chuailein chiataich,
Thug mi gaol dhuit ‘s cha ghaol bliadhna,
Gaol nach tugainn do dhiùc no dh’iarla,
B’fheàrr leam fhìn nach fhaca mi riamh thu.
[Séisd:]
Hilirinn hò rò, hò bha hò,
‘S na hilirinn hò rò, hò bha hì,
Na hilirinn hò rò, hò bha hò,
Mo leann-dubh mór o’n chaidh tu dhìom.
Shiùbhlainn moch leat, shùibhlainn anmoch,
Air feadh choilltean, chreagan, ‘s gharbhlach,
O, gur h-e mo rùn an sealgair,
‘S tu mo roghainn de shluagh na h-Alba.
‘Fhleasgaich ud am beul a’ ghlinne,
Le t’fhalt dualach sìos mu d’shlinnean,
B’annsa leam na ‘chuach bu bhinne,
Nuair dhèanadh tu rium do chòmhradh milis.
Bha do phòg mar fhìon na Frainge,
Bha do dhà ghruaidh mar bhraileig shamhraidh;
Sùil ghorm chorrach fo d’mhala ghreannar,
Do chùl dualach, ruadh, a mheall mi.
‘Theàrlaich òig, a mhic Righ Seumas,
Chunna mi maoir is tòir an déidh ort,
Iadsan gu subhach is mise gu deurach,
Uisge mo chinn tigh’nn dlùth o’m léirsinn.