Gàidheal Air Aineol
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Fa ri il eile ò,
O ho i ri il o ro,
I ri eile o ro,
Ochoin nuair a dh'fhalbh sinn.
Nuair dh'fhàg mi taigh mo mhathar
'S a' ghleann 's an deachaidh m'àrach,
Bha sneachda geal fo m'shàiltean:
Gur ann 's a' Mhart a dh'fhalbh mi.
Ged bha mo choltas sunndach
Nuair thionndaidh mi mo chùl ribh,
Gu'n robh mo chridhe brùite,
Ged bha mo shùil gun deargan.
Bha mi trom air smaointinn
Cho carach 's thig na cùisean,
'S mi dol air feadh an t-saoghail
'S mi gann de mhaoin 's de dh'airgead.
Tha pailteas aig an Ard Rìgh
Tha fialaidh ri chuid phàisdean,
'S ma nì mi mar is àill leis
Cha téid mi'n cas no 'n cearbachd.
'S ged bhios mi ris na h-òrain,
Cha taobh mi ri taigh-òsda;
Tha 'm botul dubh aig spoigein
'Na rogaire cho cealgach.
Bi 'n donas le chuid cléireach
'Gar cuireadh chon na feusda.
'S nuair dhallas iad ar léirsinn,
Gu'n dèan iad fhéin an t-airgead.
C'àit' an dèan mi tàmhachd,
No 'm faigh mi làn mo làimhe?
Mo long amuigh air sàile
'S gun tog i àrd an soirbheas.
Tha mi 'n dòchas làidir,
Ma chumas mi na fàintean,
Gu'n ruig mi cala sàbhailt',
'S gu'm bi mo shlàinte meamnach.
'S ma dh'iarras mi le dùrachd,
'S gu'n lean mi ceum na h-umhlachd,
Chan eagal dhomh 'nam chùisean
'S mi'n dùil gu'm bi mi sealbhach.