Gàidheal Air Aineol (II)
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Fal ìll é la gò ro,
Ho rò hi rìll ò ro,
Fal ìll é la gò ro,
'S ochoin mar a dh'fhalbh sinn.
An oidhche sin a ghluais sinn
Gu robh mu 'n ghealach buaile,
Bha pàirt dhi gorm 's uaine
'S i togail gruaim gu soirbheas.
Baddeck a rinn sinn "clearance"
Air maduinn moch Di-ciadaoin,
Bha brìothas ann o'n iar-dheas
A' tarruing gruaim gu soirbheas.
Mach air beul Bhras D'Or
Bha uisge mór 's ceò air,
Bha crodh againn air bòrd
Mi-dhòigheil 'ad air fairge.
Dol seachad Rudh' an t-Sàmoin,
A Rìgh gu robh i gàbhaidh,
'S i 'togail an t-sàile
An àirde o'n ghainmhich.
'S e dh'fhàg mo làmhan grannda
'Nan gàgan mar a tha iad,
Cho tric 's a bhios an t-sàile
Ri ròpa làidir cainbheach.
Eachann 's e 'taomadh;
Ealasaid bi aotrom.
A' giùlain móran aodaich
Air aodann na fairge.
Dol seachad Point Aconi
Bha "double reefs" 's a' "foresail",
Bha "mainsail" air a "lowaradh"
'S an "jib" cha mhór nach dh'fhalbh i.