Gaol Nan Cruinneag
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Eirich is cur umad, 's tiugainn leam,
Eirich is cur umad, 's tiugainn leam,
Eirich is cur umad, gaol nan cruinneag,
Fàg taigh mór nan uinneag 's tiugainn leam.
Nuair philleas ruinn an samhradh 's a thig am blàths,
Bidh gach meas air meangan 's gach lus a' fàs,
Falbhaidh mi' is m'annsachd bho smùid na Galldachd,
'S théid sinn null gu h-annsail gu gleann an aigh.
Nuair bhios mi fo mhì-ghean is m'inntinn trom,
Mùirneach a' chùil rìomhaich 's i thogadh m'fhonn,
Guth mar ceòl na fidhle 's a pòg air blas nam fìon-dhearc,
'S truagh nach bu leam fhìn i mo chruinneag dhonn.
'S cha bhi dìth an earras ort an tìr nam beann,
Nì mi àiteach fearainn dhuit le gearran 's crann,
Cha fhaic thu gruaim air m'aodann ach furan agus aoidh ann,
'S chan eil aighear saoghalta nach faigh thu ann.