Ged A Sheòl Mi Air M'Aineol
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Ged a sheòl mi air m'aineol,
Cha laigh smalan air m'inntinn,
Ged a sheòl mi air m'aineol.
'S ann á Boston a sheòl sinn,
Dol air bhoidse chun na h-Innsean.
Rinn sinn cordadh ri caiptean
Air a' bhàrc a bha rìomhach.
Trì là roimh 'n Nollaig
Thàinig oirnn an droch-shìde.
Shéid e cruaidh oirnn le frasan,
'S clach-mheallain bha millteach.
Cha robh ròpa 's robh òirleach,
Nuair reòth' e nach robh trì ann.
Chaill sinn craiceann ar làmhan,
'S bha ar gàirdeanan sgìth dheth.
Bha còignear 'nan seasamh,
'S bha seachdnar 'nan sìneadh.
Trì là is trì oidhche,
'S mi ri cuibhl' ri droch-shìde.
Sin nuair labhair an caiptean,
"'Illean tapaidh, na dìobraibh."
"'Nuair ruigeas sibh caladh
Bidh ur drama dhuibh cinnteach."
Dh'fhalbh an "rigging" o'n "bhowsprit",
Leis an tonn a bha dìreadh.
Dh'fhalbh 'n seòl-mullaich 'na shròicean,
Chan e spòrs a bhi 'ga innse.
Nuair a ruitheadh i 'm fuaradh,
'S ann a bhuannaicheadh i mìltean.
Tha lionn-dubh air mo mhàthair,
Agus dùil aic' nach till mi.