Ged Is Grianach An Latha

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Hò hao ri rì hó,
Hò hiù ra bhó ro hó hó,
Hao ri rì hó.


Ged is grianach an latha,

Gur beag m'aighear r'a bhòidhchead,

'S mi ri feitheamh a' chaolais,

'S gun mo ghaol-sa 'ga sheòladh;

Ach nam faicinn thu tighinn,

'S mi gun ruitheadh 'nad chòmhdhail,

'S mi gun rachadh 'nad choinneamh,

Air mo bhonnaibh gun bhrògan.

'S a cheart aindeoin luchd mi-rùin

'S mi gun dùraigeadh pòg dhuit,

Ged a chuirte mi 'm sheasamh

Air an t-Seisein Di-Dòmhnaich

Ann am fianuis na cléire,

'S gun ach léine 'gam chòmhdach.

Tha mo chion air an fhleasgach

Dhonn, leadanach, bhòidheach;

'S ged nach eil thu de m'fhine,

Liom a b'inich do phòsadh,

Tha thu 'n fhine nach strìochdadh,

Do dh'fhìor-fhuil Chlann Dòmhnaill.