Guma Slàn Do Na Fearaibh
[Séisd:]
Guma slàn do na fearaibh chaidh thairis an cuan,
Gu talamh a' gheallaidh far nach fairich iad fuachd,
Guma slàn do na fearaibh chaidh thairis an cuan.
Sinn a' fàgail na tìr seo oir cha chinnich ann nì dhuinn,
Tha 'm buntàt' air dol dhìth oirnn, is cha chinn iad le fuachd.
Nuair a dh'fhàgas sinn an t-àit' seo cha chuir iad mór-mhàl oirnn,
'S cha bhi an Fhèill Màrtainn cur nàire nar gruaidh.
Gheibh sinn crodh ann is caoraich, gheinn sinn cruithneachd air raointean,
'S cha bhi e cho daor dhuinn ri fraoch an Taobh-tuath.
Cha bhi iad gar dùsgadh le clag Chinn a' Ghiùthsaich,
Cha bhi e gu diùbhras ged nach dùisg sinn cho luath.