Gur Trom, Trom A Tha Mi

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Gur trom, trom a tha mi,
Gur trom a dh’fhàg an t-Earrach mi;
Gur truime ‘n diugh na ‘n dé mi,
O’n tha cùl-déigh mo leannain rium.


Tha ‘n long a-nis air seòladh,
‘S cha tig i chòir an fhearainn seo,
Gu bheil mo leannan féin oirr’,
‘S gur truagh as déidh a sgaraidh mi.

Gur duilich leam gu’n d’ghluais sibh
Nuair bha ghaoth-tuath cho gaillionnach,
‘S e tonn a rinn do bhualadh,
‘S gur truagh leam gu’n do thachair e.

Tha ìslean agus uaislean,
An grunnd a’ chuain gun charachadh,
‘S mo leannan, fear ‘chùil dualaich
‘Ga bhualadh ris na stallaichean.

Ma chaidleas mi air cluasaig,
Cha bhi mi uair gun charachadh,
‘Gad fhaicinn ann am bhruadar,
A luaidh, ge fad ‘s a’s maireann mi.

Ged chluinninn-sa ceòl pìoba
Cha tog e dhìom an t-eallach seo,
Guth fidhle, no guth clàrsaich --
Mo chridh’ air làr, cha charaich e.

Tha mi gun mhac, gun bhràthair
Nì còmhradh blàth no cathrannach,
Mar chraoibh an déidh a rùsgadh
Gun snothach cùbhr’ gun mheangan oirr’.

‘Nis sguiridh mi ‘gad iarraidh
‘S ‘gad iasgach air na cladaichean;
An t-iasg nach téid am lìon-sa,
‘S e sgeula fìor nach fhaigh mi e.