Gura Muladach Tha Mi

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Hó ro o i iù o,
Falbh óro cho gheallaidh,
Hó ro o i iù o.


Gura muladach tha mi,

Muigh fo shàile nam beannaibh,

Far nach cluinn mi guth fìdhleadh,

Na sgrìob air an darach

Na fuaim a' ghiuthais 'ga shàbhadh

Aig mo ghràdh dha na fearaibh.

Chuir mi fios a Cinntìre

Go crìochan Magellan

Ach an robh thu 'nad shlàinte

Na robh thu, ghràidh, fallain.

Ma dh'innseas mi 'n fhìrinn

'S ann tha 'n aoigh air mo leannan:

Gura deirge do ghruaidhean

Na'n ròs air a' mheangan:

Gura guirme do shùilean

Na'n driùchd air an fhaillinn.

Mo cheist sealgair donn na h-eala,

'N dóbhrain duinn 's an laoigh bhrich bhallaich

'S an ròin léith an cois na mara.