Hé Mo Leannan
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Hé mo leannan, hò mo leannan,
'S e mo leannan am fear ùr;
Hé mo leannan, hò mo leannan.
'S e mo leannan am fear lurach,
Rachadh an àird a' bhàrr nan siùil.
'S e mo leannan am fear laghach,
'S tu mo roghainn, thaghainn thu.
'S e mo leannan saor na locair,
Dhèanamh fortan le sàbh dhuinn.
'S e mo leannan mac a' ghobha,
Dhèanamh foghail leis na h-ùird.
Tha mo leannan aig a' chladach,
E ri sailleadh sgadan ùr.
Bithidh a leannan aig gach leannan,
Bithidh thusa agamsa co-dhiù.
Galar nì 's mios' na 'n dèideadh,
Air an té thug bhuam mo rùn.
Nar meal i 'n gùn ùr 's a' chiste
Na na shuidheas air a glùin.
Nar meal i 'n curraic na'n cleòca
Na meal i 'n t-òigear na 's mó.
'S tric a chaidh mi leat dha'n bhàthaich
Sneachda na b'àirde na 'ghlùin.
'S tric a chaidh mi leat dha'n t-sabhal
Fòdar fodhainn 's os ar cinn.
'S leabaidh bheag an cùl a' chidsin
Far 'm bu tric bha mise 's tu.
'S nuair a bhiodh càch 'nan laighe
Dh'fhosg'linn dhuit an uinneag chùil.
Dh'èirich mise moch 's a' mhaduinn,
Braigh na h-aibhne ghabh mi null.
Cò thachair rium ach mo leannan,
Culaidh air do'n fhasan ùr?
Bucuill anns a' bhrògan àrda,
Tuitidh na sàiltean sin dhiubh.