Hì Rì Hoireann Hò


Tha mulad, tha mulad, tha lionn-dubh orm fhéin,
Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó,
Tha de mhingin air m'aire nì nach aidich mo bheul;
Hì ri ri ri o ho, roho hì hoireann ó.

M'an òganach ghasda ùr mharcach nan steud,
Hì rì hoireann ó, [srl.]
M'an taca seo 'n uiridh bu thoil leat m'fhuran ro cheud.

Cha mhó ort mi 'm bliadhna na eunlaith nan speur;
Chan inns' mi dha'm phiuthar meud mo chumh' as do dhéidh.

Na dha'm mhàthair a rug mi chuir mi cudthrom 'na ceum,
Tha sac trom air mo chridhe nach tog fidheall nan teud.

Ach a Mhairead nan cuiread 's dàn a chuir orm breug,
Thilg thu orm-sa mar aileis nach b'uilear dhomh 'm bréid.

Gu robh leanabh am pasgadh fo asna mo chléibh,
Cuim' nach innseadh tu 'n fhìrinn mar a dh'innsinn ort fhéin?

Ann an làthair mo thighearn' far am bithinn 's tu réidh,
Thilg thu orm-sa mar dhearrais gun robh m'athair an éis.

Cha b'ionnan dha m'athair 's dha d'athair-sa fhéin,
Cha b'ionnan dhan taighean, 'n àm laighe do'n ghréin:

'S ann a gheibhte, 'n taigh d'athar-s', cinn is cnàmhan an éisg,
'S ann a gheibhte, 'n taigh m'athar-s', cinn is casan an fhéidh.