Hó Boban Gaoil
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Hó, boban gaoil;
O, gaolach Iain;
Hó, boban gaoil.
Cadal séimh ort, uain;
Dèan do shuain mhilis;
Tha t'athair bhàrr a' chuain,
'S e gu luath tilleadh.
Fios a fhuair mi'n dé,
Thug orm leum chridhe;
M'eudail dh'fhalbh air sàil'
Bhi gun dàil tighinn.
Bha mi tric fo ghruaim
'S m'aigne fuar fionnar,
Am feadh a bha e bhuam;
Fear mo luaidh, Iain.
Thug e 'n driùchd a'm shùil,
Tùchan a'm mhuineal,
Bhi cuimhneachadh mo rùin,
Fear a' chùil bhuidhe.
Séimhe chiùin na ré
Bha mu'n té ghin mi;
B'e coimeas m'athar reul;
Blàths na gréin', Iain.
Cadal sèimh ort, uain,
Dèan do shuain mhilis,
Is bidh tu 'd chùlaidh uaill,
Aig mo luaidh, Iain.
Gheibh mise furan 's mùirn
Thusa glùn 's mireag;
'S cha bhi ann ach sunnd
Air teachd do'm rùn, Iain.