Hò, Mo Nighean Dubh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Hò, mo nighean dubh,
Hé, mo nighean dubh,
Mo nighean dubh, 's tu mo ghuamag;
Hò, mo nighean dubh,
Hé, mo nighean dubh.


Tha mi ann an taigh 'nam ònrachd,
Tha mi fo bhròn, 's fhad' o'n uair sin.

Teannaidh mi ri deànamh òrain,
'S ann do Dhòmhnaill Òg mac Ruairidh.

Chaidh mi 'ga choimhead le deòin,
A chionn bha Màiri Òg air bhuannachd.

Chuir e sin a làmh 'na phòcaid,
"Gheibh thusa bhrònag so bhuam-sa".

"Phìob a's fheàrr a thig á stòr,
Chosg i gu leòir, cha b'e luach i."

Bha mise 'n uair sin gu dòigheil
Gus na chuir mi sròn 's an luaithre.

Chaill mi mo fhradharc 's mo chòmhradh;
Cha robh blas mo bheòil ach suarach.

Cuiridh mi thu ás an dùthaich,
Ma nì fùdar bàn no luaidh e.

Fàgaidh iad thu anns na h-Ìnnsean,
Far nach eil an tìde duathail.

Pheigi Ailein bha thu gòrach
A chur Dhòmhnaill Òig gu gluasad.

'S iomadh oidhche thu 'ga bhòrdadh,
Thug Màiri Òg an truaghan.