Ho Rò Ho Hù Ill Anna Bheag
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Ho rò ho hù ill Anna bheag,
Hi rì ill ù mo chailin donn,
Ho rò ho hù ill Anna bheag.
Càite faigh sinn leannan dhi?
Chan fhaigh Mac Leòid na Hearadh i;
Chan fhaigh Mac Nèill á Barraigh i.
'S ann théid 's gun téid sinn thairis leat
A Ghlascho mhór nan ceannaichean.
An oidhche bhios do bhanais ann
Bidh fìon 'ga òl á glainneachan.
Bha foirm an raoir an Talasgar:
Bha pòsadh ann, bha banais ann.