Horainn Ò, 'S Na Hì Rì


[Séisd:]
Horainn ò, 's na hì rì,
Hùg eile, hò rò,
Horainn ò, 's na hì ri.


Tha mo chion air an ògbhean
Thàinig oirnne thar linnean:
Reult àillidh nan òighean
Ann am bòidhchead 's an grinneas.

Reult àillidh nan òighean
Ann am bòidhchead 's an grinneas,
Slios mar shneachd air an t-sléibhe
Ri là gréine air ghilead.

Slios mar shneachd, [etc.]
Beul is deirge nan ròs aic',
Gruaidh as bòidhche na 'n t-siris.

Deud geal is glan dlùth --
Tha t'anail chùbhraidh ro mhilis.

'S cha mhise 'chiad ògfhear
'Rinn thu leòn anns a' chridhe.

Le t'iomhaigh 's le d'bheusan
'S iomadh ceud 'tha fo thiomadh.

'S fheàrr an ceòl leam do chòmhradh
Na 'n smeòrach air bhinneas.

Troigh chruinn am bròig chòmhnaird,
Nach deàn feòirnein a mhilleadh.

Gur luthor i 's t-seòmar
'N àm ceòl thoirt o'n fhìdhill.

Tha mais' ann ad aodann
Nach faodar a thilleadh.

Cò sheallas fo'n ghréin air,
Nach caill a léirsinn car mionaid?

Tha mise gun stòras
Le gòraiche mo chinnidh.

Dh'fhàg siud mi ri m'bheò
Fo throm leòn a's fo thiomadh,

Nach fhaod mi bhi làmh riut,
Le d' mhànran 's le d' mhìreadh.

Chan eil agams' a dhànachd
An-dràsd' dol a'd shìreadh.

Ach nam faighinn còir sgrìobhte
Air an rìoghachd gu h-iomall,

Gu'm bu bhàn-rìgh Catrìona,
An rìbhinn a's grinne.