Horò Ho Hùg Hoireann O
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Horò ho hùg hoireann o,
Fallain gu'n till thu,
Horò ho hùg hoireann o.
'S gura mise tha fo mhulad
'N tìr a' mhurain 's an t-siabainn.
Ach Illeasbuig òig Heisgeir,
Bu tu aoibhneas nan nighneag.
Mo cheist fear a' chùil bhuidhe,
Nì am bruthach a dhìreadh.
Mo ghaol fear a' chùil dualaich
'S nan cuaileanan rìomhach.
Bu tu sgìobair na fairge
Ri là gailbheach 's droch shìde.
Dalta cìche mo mhathar
'S iad ag ràdh nach till thu.
Their gach neach air am beag thu
Gur e 'ro bheadradh a mhill thu.
Iad 'gad dhìteadh a' Bhàlaidh,
'S do bhriathrean 's na h-Iunsaibh.
Gura mis' tha fo mhulad,
'S mi air uilinn na frìthe.
'S e do thuras, Illeasbuig,
Thug an leagadh do m'inntinn.
Tha do thaighean 'gan rùsgadh,
Sgeula thùrsach ri innse.
Do chuid eòrn' air an achadh,
'S gun téid pàilteas a dhith dheth.
Do chuid mòine gun chruachadh,
Sgeula cruaidh leam ri chluinntinn.
Tha do cheilp air na clachan,
Chan fhaic Sasunn a chaoidh.