Hò Rò Mo Bhobag An Dram


[Séisd:]
Hò ro mo bhobag an dram,
Hò rì mo bhobag an dram,
Hò rò mo bhobag an dram,
'S e chuireadh sodal nam' cheann.


Fhearaibh tha'n suidhe mun bhòrd,
Le'r gloinneachan cridheil nar dòrn,
Na leanamaid ruighinn air òl
Ma mill sinn ar bruidhinn le bol.

An t-ainm as fheàrr a tha ann,
Ainm Sheumais a chur air mo cheann,
'S e thogadh an sogan fo'm chainnt
'S e dh'fhàgadh gu blasda mo dhram.

'S fheàrrdamaid teine beag shios,
Na lasraichean ciùin, a nì grios,
A gharas ar claigeann 's ar cridh,
'S a dh'fhògras ar n-airtneul 's ar sgios.

Cha téid mi'n taigh-òsda sud thall;
Chan fhiach a sineabhar a th'ann,
Ged dhìolainn am botul 's na th'ann
Gun giùlain mo cholainn mo cheann.

Thuirt cailleach 's i cho liobasd' a th'ann,
Nuair fhuair i blas air an dram,
"Tairneabh ur casan, a chlann,
'S bheir mise mo char air an danns'!"