Hu O, O Hù, 'S Mi Fo Mhìghean

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Hu o, o hù, 's mi fo mhìghean,
Òganaich, cha mhì do leannan,
Hu o, o hù, 's mi fo mhìghean.


[Ise:]
Gura muladach mi am bliadhna,
'S fhada liom dà thrian an earraich.

'S tric mi cuimhneachadh a' chòmhlain
An coille nan cnò 'gan gearradh.

Gur muladach 'san àm mi,
Air achadh nan Gall air m'aineol.

A' buain air iomaire am' ònar,
Cumail còmhdhail ris a' bhalach.

Bhithinn cinnteach a bhith làimh ris,
Mur gearrainn mo làmh le mearachd.

Mur gearrainn mo làmh le dearmad,
Bhithinn earbsach as a bharrachd.

Òganaich bhuidhe a' chùil dualaich,
'S ann orm fhìn nach fuath do ghealladh.

Òganaich nan gartan rìomhach,
'S aotrom a dhìreas tu 'm bearradh.

Ach a nis, ma thug thu cùl rium,
'S coma liom, co dhiù, do leanachd.

[Esan:]
Di-Sathurna rinn sinn gluasad
Gu dol an taobh-tuath air marachd.

Bha sinn 'ga ruith ro' na caoiltean,
'N àm cur a h-aodaich ri crannaibh.

Dol seachad air Rubha 'n Dùnain,
Bha 'n ceò dùmhail mu na meallaibh.

'S e Mac Fhionghuin bha 'ga stiùireadh,
'S Dòmhnallach cur siùil ri a crannaibh.

Seachad an Càrn bha brìos ann;
Bha toiseach an lìonaidh mar-ruinn.

Bha mire-shruth ri a sléisdean,
'S i fhéin a' reubadh na mara.

Soirbheas gun riofa gun abhsadh,
Gu robh srann aice bho a darach.

Seachad aig Rubha Shléite
Shil is shéid i le cloich-mheallain.

'S ann an Rubha an Dùnain
Bha 'n ceò dùnadh air na beannan.

Dol seachad air ceann Loch Aoineort,
Fhuair sinn boillsgeadh air a' ghealaich.

Thog sinn Maighdeanan Mhic Leòid
Am beul Loch Ròdhaig 's i 'na deannaibh.

Gura h-iad mo cheist an còmhlan
A rinn seòladh tro'n Chaol Chanach.

Gun d'rinn sinn an t-slighe dìreach
Seachad air Tir Mhic 'ic Ailein.

Thilg sinn acair' air gach taobh dhi,
'S thug sgiobair mo ghaoil dhuinn drama.

'S tric mi smaointinn air a' chòmhlan
An coille nan cnò 'gan gearradh.

Dh'òlainn deoch slàinte Rìgh Seumas,
Chuirinn mo léine 'ga cheannach.

Dh'òlainn uair no dhà no trì i,
Ged chosgadh i mìle gallan.

Dh'òlainn deoch slàinte na gruagaich,
Bha 'm muigh air Suaineart a' bharraich.