Hug Òrann Ò Rò Bha Hò
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Hug òrann ò rò bha hò,
Nighean donn bhòidheach,
Hug òrann ò rò bha hò.
'S mithich dhomhsa a bhi gluasad,
Agus cuairt thoirt air òran.
Feuch a sheinn mi do bhuaidhean,
O'n a fhuair mi ort eòlas.
Tha thu modhail, ciùin, sìobhailt',
Tha thu rìomhach, neo-phròiseil.
Tha thu ìriosal, stuama,
Smiorail, fuasgailteach, seòlta.
Inntinn shoilleir gun fhoill innt',
'S tha thu coibhneil an-còmhnuidh.
'S e do chòmhradh glan, suairce,
Chuir na h-uaislean an tòir ort.
Tha do phearsa deas, dìreach,
Cuimir, finealt', grinn, beòthail.
Falt dualach, trom, cuachach,
Mu d'ghuaillean an òrdugh.
'S mór gu'm b'annsa leam t'éisdeachd
Nuair a ghleusadh tu 'n organ.
Ceòl milis, glan, dìonach,
Air a dheànamh le d'mheòirean.
Meur a chuireas an sgrìobhadh
Cainnt bhrìoghail an òrdugh.
Deànamh fuaigheal le snàthaid,
Chan eil fàillinn 'nad eòlas.
Leat bu mhiannach 's a' Chéitean
Tional spréidhe thar lòintean.
Bhith 'g an iomain do'n bhuaile,
Seinn dhuanagan bòidheach.
[Dòmhnall Mac Pharlain]