Hugainn Ho Ro Gheallaidh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Hugainn ho ro gheallaidh, far an robh mi 'n raoir,
Hugainn ho ro gheallaidh, far an robh mi 'n raoir;
Hugainn ho ro gheallaidh, air nighneag a' chùil duinn,
Nighneag bhoidheach mhaiseach, 'tha fuireach anns na glinn.


Càit' a bheil an fhàrdach, far a bheil i tàmh?
Suas am bràigh a' ghlinne, ris an toman aill',
An sruthan a' dol seachad surdachail gu sàil',
Le uisge fiorghlan, fallain, a dh'ùraicheas do chàil.

B'e siud an fhàrdach chridheil, gheanail, aoidheil, thlàth,
Chaidreach, mhuirneach, sheirceil, còmhdaichte le gràdh,
Far am faigheadh eolach is coigreach fàilt' le bàigh,
Suas am bràigh a' ghlinne far an robh mi 'n raoir.

Timchioll air an fhàrdaich far an robh mi 'n raoir
Tha flùraichean gun àireamh a' cinntinn anns a' choill,
An iadh-shlat air na meanglain is éidheann mu na croinn,
Mar fhalluinn uain' 'gan còmhdach bho fhuaraidheachd na gaoith.

Tha iomadh buaidh ri àireamh air nighneag a' chùil duinn,
Caoimhneas mar ri àilleachd, dreach air 'bheil na loinn,
Cneas mar uchd na faoileig a' shnàmhas réidh air tuinn,
Beul a thogas òran le guth tha ceòlmhor binn.

Deud-geal mar an ìbhri, snaighte dlùth ri chéil',
Sùil nan rosgan àluinn, dealrachadh mar reul,
Broilleach mar an t-sneachda, no canach geal an t-sléibh,
T'anail tha cho cùbhraidh ri faileadh ubhail air gheug.

Guidheam sonas maireann do nighneag a' chùil duinn,
Spréidh is bliochd gun ghainne g'a chuairteach' is g'a roinn,
Slàint' is saoghal fada, beannachd dhaoin' is chloinn',
Is céile 'ghnàth 'bhi mar riut, fearail, sunndach, fial'.