Iain Mac 'Ic Fhionghuin

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Iain Mac 'Ic Fhionghuin,
Ghléidh e 'n urram air na bh'ann;
Dhannsadh e, leumadh e,
Dh'éireadh e, fhuair e 'n urram,
Dhannsadh e, leumadh e,
Ghléidh e 'n urram air na bh'ann.


Ri linn Bànrìgh Màiri,
'S a' bhlàir a bha 'n Sliabh an t-Siorraim,
Chan fhaca mi saighdear
A dh'fhaighneachdeadh romhad ann.

Sgiobair air a' bhàt' thu
A bh'fheàrr a bha riamh an Lunnain;
Deas làmh air an stiùir thu,
Gur cùramach am fear crom.

Fleasgach 'san taigh-òsd' thu,
Cho spòrsail 'sa th'ann an Uibhist,
Chan fhòghnadh an stòp leat,
Ach botul air sgòrnan 'nam làimh.