'Ille Bhig
[Fonn / Tune]
'Ille bhig, gun togainn, togainn,
'Ille bhig, gun togainn thu;
'S ged a chum thu mi bho m'obair,
'Ille bhig, gun togainn thu.
[Séisd:]
Hai thogainn, hai leagainn,
Hai thogainn, ha i ù,
Hai thogainn, hai leagainn,
Thogainn is gun togainn thu.
Tog an gille beag dhan adhar,
Mìle rionnag ann a' tàmh;
Tulg e dhomhneachd na mara
Far bheil iasgan beaga snàmh.
Bidh do mhàthair uairean sàraicht'
Tulgadh suas 's a' tulgadh sìos;
Deòir is doilgheas do mhàthar,
'Ille bhig, cha d'thuig thu riamh.