’Ille Dhuinn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
‘Ille dhuinn chaidh tu ‘m dhìth,
Slàn gu’n till thu ‘s gun ruig thu;
‘Ille dhuinn chaidh tu ‘m dhìth.
‘Ille dhuinn a dh’fhalbh à Brògaig,
Bidh mi brònach gu’n tig fios ort.
‘Ille dhuinn an leadain dualaich,
‘S ann Di-Luain a fhuair mi fios uat.
‘Ille dhuinn an leadain dualaich,
‘S òg, a luaidh, a bhuair thu mise.
‘Ille dhuinn an leadain chraobhaich,
Thug mi gaol araon gun fhios dhuit.
‘Ille dhuinn an leadain bhòidhich,
‘S ann fo bhròg a dh’fhàg thu mise.
‘Ille dhuinn, ma dh’fhàg thu ‘n dùthaich,
‘S mór mo chùram nis nach tig thu.