Iomair Thusa, Choinnich Chridhe


[Fonn / Tune]



Iomair thusa Choinnich Chridhe,
Néill a mhic 's na hó ró;
Gaol nam ban òg 's gràdh nan nighean,
Néill a mhic 's na hó ró,
Hé ro u hó ro.

Tha eagal mór air mo chridhe,
Néill a mhic, [srl.]
Gu bheil birlinn Nèill a' tighinn,
Néill a mhic, [srl.]

No sgoth chaol mhic Thormaid oighre.

Iomraidh mise fear ma dhithis,

'S nam b'éigin fear ma thriuir.

Ach 's truagh nach robh mi fhéin 's Niall Odhar

An slagan beag os cionn Dhùn Odhail;

Biodag am làimh 's esan fodham;

'S gum biodh fuil a chinn mu ghobhal,

'S gun dèantadh feòil 's gun dèantadh sitheann

'S gum biodh biadh fo ghob an fhithich.

Cha d'rinn mi fhathast beud no pudhar

Mura leag mi fiadh fo bhruthach,

No biast mhaol an caolas cumhang

No dubh-sgarbh an cois na tuinne.

Chì mi 'n rudha is slagan beag eile

Anns an do mhilleadh mo chàirdean.

'S truagh nach robh mi 'n Ròna romham:

Cha tàinig mi riamh an cuan seo roimhe

Gun taod oirre, gun taod cluaise,

Cupaill ann am bòrd an fhuaraidh,

'S fiùran dìreadh sheasadh suas innt'

'S cranna fada rachadh mun cuairt air.