Iorram Na h-Imrich Chuain

[Fonn / Tune]



Chaidh sinne gu tràigh,
A choimhideachd chàich;
Cha till iad gu bràth
An taobh seo.
Long iaruinn fo’m bonn,
A’ sadradh nan tonn,
Tha feadhainn am fonn,
‘S cuid tùirseach.

Clann bheaga ri gàir’,
Am màthair fo phràmh,
Fir mhóra an sàs
‘S iad ciùrrta;
Fras-shileadh nan deur
Gu tosdach, ach geur;
A’ sealltainn ‘nan déigh,
Le curam.

Iad fhéin ‘dol an iar,
‘S an talamh ‘dol siar;
Chan fhaicear leò sian
Ach Mùirneag.
Seall Mùirneag ‘dol uap’
‘Dol fodha ‘sa chuan,
Fir is mnathan gun tuar
‘Ga h-ionndrainn.

Beir an t-soraidh seo uam
Gu America Tuath,
Chun caoraich is sluagh
Mo chùram.
‘N deagh Bhuachaill’ e féin,
Biodh rompa ‘s nan déidh,
Gan dìon o gach beud;
Sin m’urnuigh.

Ionndrainn eil’ ac’ ma tha,
‘Toirt cridh’ goirt is cnàmh,
Luchd an gaoil is an dàimh,
‘Toirt cùl dhaibh.
Dh’fhàg siud iad ‘nan déidh,
Ni nach fàgar ‘s nach tréig,
Comunn blàth latha Dhé
‘S a’ chùbaid.