Is Toigh Leam a' Ghàidhealtachd


[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Is toigh leam a' Ghàidhealtachd, is toigh leam gach gleann,
Gach eas agus coire tha 'n dùthaich nam beann;
Is toigh leam na gillean 'n an éideadh glan, ùr,
'S a' bhoneid Ghlinn Garaidh mu'n camagan dlùth.


Is toigh leam 'n an deis iad, o mhullach gu bonn,
Am breacan, an t-osan, an sporan, 's an lann;
Gur bòidheach iad sgeadaicht' an éideadh na tìr',
Ach suarach an deise seach seasmhachd an cridh'.

Sheas iad an dùthaich 's gach cùis agus càs,
Duais-bhrathaidh cha ghabhadh ged chuirt' iad gu bàs;
'S ged shàraicht' an spiorad 's ged leigte an ceann,
Bha'n cridhe cho daingeann ri carraig nam beann.

Seinnear an dànachd gu'n domhan mu'n cuairt,
Air sgiathaibh na gaoithe gu iomall a' chuain;
Is fhad 's a bhios rìoghachd 'n a seasamh air fonn,
Bidh cuimhne gu dìleann air euchdan nan sonn.

'S ma rùisgear an claidheamh a rithist gu strì,
Ged 's ainneamh ar cuideachd, bidh trusadh 'n ar tìr;
Bidh Clanna nan Gàidheal ri aghaidh gach càs,
'S iad gualainn ri gualainn gu buaidh no gu bàs.

'S toigh leam a' Ghàidhlig, a bàrdachd 's a ceòl,
Gur tric thog i suas sinn 'n uair bhiomaid fo leòn;
'S i dh'ionnsaich sinn tràth ann an làithean ar n-òig',
'S cha thréig i gu bràth sinn gu'n téid sinn fo'n fhòid.

'S toigh leam an ceanaltradh bòidheach a bh'ann;
Nam biodh iad air fhàgail a nis aig a' chloinn;
An coibhneas, an càirdeas, am bòidhchead, 's an t-eud,
Thug cliù dhaibh 's gach dùthaich fo dhubhar nan speur.