Is Truagh Nach D'Rugadh Dall Mi

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Fill ò rò fill ò rò fill ò rò hug eile,
Fill ò rò fill ò rò fill ò rò hug eile,
Air fal il ill ò agus hò rò hug eile,
Chan fhaigh mi cadal sàmhach, a ghràidh, 's gun thu rèidh rium.


Is truagh nach d'rugadh dall mi gun chainnt is gun lèirsinn
Mus fhac' mi t'aghaidh bhaindidh rinn aimhleas nan ceudan;
Bhon chunnaic mi bho thùs thu bu chliùiteach do bheusan,
'S gum b'fhasa leam am bàs na bhith làthair as t'eugmhais.

Is truagh nach robh mis' agus tus' far an iarrainn,
Sia là na seachdain is seachd ochd bliadhna
An seòmraichean glaiste le clàidheanan iarainn,
Na h-iuchraichean air chall agus dall bhith gan iarraidh.

Is truagh nach robh mi fàgail an t-saoghail seo ro-chianail,
Bha dòchas faoin gam thàladh, 's e 'n gaol rinn mo dhìobhail;
Ge fada bhuam a shiùbhladh tu ri'm bheò bhithinn riut dìleas,
'S nuair thigeadh là na Cruinne 's i Mòr Ros a dh'iarrainn.