Là Millegàraidh

[Fonn / Tune]



E hò, ro ho ro ho,
Na'n cuimhne leibh?
O hì ri rì, hi ri ho ro ho,
Là na h-Àirde.

E hò, [etc.]
Na'n là eile,
O hì, [etc.]
Millegàraidh?

Bha fir an sin
Air droch chàradh,

An druim fodh',
'S am buinn bhàn ris.

Na'n cuimhne leibh,
Là Allt Éirinn,

Na'n là eile,
Uamh-deirge?

Chunnacas bàta
Falbh gu siùbhlach,

'S i dol timchioll
Rudha na h-Ùinis;

As a sin gu
Rudh'-an-Dùnain.

B'e mo leannan
Bha 'ga stiùireadh,

Beul 'ga eubhadh,
Làmh 'ga h-iomradh;

'S ioma bhean bhochd
Bha gu cràidhteach,

'S i gun mhac ann,
'S i gun bhràthair.

Gun duin' ann a
Ghabhadh bàigh dhi.

'S mo mhollachd sin
Aig Clann Rànaill.