Laoidh Chaluim Chille
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Glòir do'n Athair, d'on Mhac,
'S don Spiorad ro naomh,
Fad shaoghal nan saoghal,
Amen.
Cuiridh facal do bhàidh
Ana-Crìosdaidh gu nàir',
Caisbheart Soisgeul nan Gràs oirnn gach uair;
Sgiath a' Chreidimh gar dìon
Bho làimh anamiann,
Claidheamh spioradail diadhaidh ar buaidh.
Nis sàbhailt' air tìr
Bheir sinn adhradh do'n Tì,
Do dh'Athair na Glòrach ar Rìgh;
Bho Eirinn gu Alb'
Ar lochran 's ar n-earbs'
Feadh aisridhean gàbhaidh a' chuain.
An Doire choillteach mo ghràidh
Thug sinn anmoch is tràth
Adhradh do'n ainm thar gach ainm.
O taing dhut, a Dhia,
Thug dhuinn eòlas na Trian
Ann an eileanan cianail a' chuain.
Beannaich Thusa mo thaigh,
a Thrionaid ro mhìn,
A Mhoire 's a Mhìcheil 's a Bhrìghd',
Bho mhullach gu bonn,
Gach spàrr agus crann,
Is an sluagh a nì tuineachas ann.