Làrach Do Thacaidean

[Fonn / Tune]



Làrach do thacaidean
Làrach do chruidhean
Làrach do bhrògan
Am bòrd Loch-na-Muille.


[Séisd:]
I ud ud eatharam,
I ud ud aoiream,
I ud ud eatharam,
Chunna mise 'raoir thu.


Carson a bha thu spaidsearsachd
Timchioll tigh na muille;
'Robh thu 'n dùil gu faigheadh tu
Gu nighean bhuidhe mhuillear?

Cha b'e brògan tacaideach
Le pleitichean is cruidhean,
Bu chòir a bhith ma d'chasan
Ma 's e caithris bha 'na d'inntinn.

Cha ghabh i idir, idir thu,
Cha dèan i caithris oidhch' leat,
Gu'n cur thu bhot na bloidsearan
'S gu faigh thu brògan foidhne.