Leis An Osan Ghuanach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Leis an osan ghuanach, hi-him-bi,
Leis a' bhriogais uallach, ho-rom-bò,
Briogais an duin' uasail, hi-him-bi,
'S iomadh fear a chunnaic i nach d'fhuair i sgeòd.


Thàinig tàillear à Gearrloch, hi-him-bi,
A dhèanadh a tàillearachd, ho-rom-bò,
Cha chumadh iad de shnàth' ris, hi-him-bi,
Ach na dhèanadh Màiri air a' chuibhle mhór.

Chunnaic bean à Choire e, hi-him-bi,
Fhuair ise bréid dheth, ho-rom-bò,
Chunnaic bean an Dùn e, hi-him-bi,
Is fhuair ise gùn as an aon chlò.

An turus chaidh thu Lunainn leis, hi-him-bi,
Thug an rìgh an t-urram dha, ho-rom-bò,
Bha bhàn-rìgh g'a dhimoladh, hi-him-bi,
Ag ràdh gura bunalach a bh'anns a' chlòimh.

Thubhair Alastair a' Chòire rium, hi-him-bi,
B'fheàrr gu faighinn mir dheth, ho-rom-bò,
No cruimein airson sporan dheth, hi-him-bi,
Gu gléidheadh na dollaran a tha 'na mo phòc.

Gu'n d'fhaighnich Iain 'Ghesto, hi-him-bi,
Saoil sibh faigh mi fhéin e, ho-rom-bò,
Gus an dèanainn feum dheth, hi-him-bi,
G'a chuir air na cathraichean is air a bhòid.