Loch Catalone
[Fonn / Tune]
Dh'fhalbh mi feasgar Chéitein
An àm dol sios na gréine,
Is m'inntinn air a gleusadh
Gu bàrdachd;
Le fear cinnidh dhomh fhéin,
Ann am bàta beag fo ràimh,
Dh'amharc ioghnaidhean bha réidh ruinn
'San nàbachd.
Bha an iarmailt glan gun sgoth,
An loch mar airgiod-beò;
'S a' ghrian le ciabhan òir
Air a dèalradh,
Dh'iomair sinn gu réidh
Troimh na h-uisgeachan séimh,
Bha le cuine na néamhan
Cho sàmhach.
B'e siud an sealladh briagha
Nach leig mi chaoidh air dìochuimhn';
Gach rudha craobhach, sgiathach,
Tha fàsail;
'S na h-eilean bheaga, lìonmhor
Le coille dhlùth 'ga lìonadh,
'S an duilleach ùr ro-sgiamhach
Cuir blàth orr'.
Bha eunlaith na coill'
Gu binn a' seinn an roinn,
'S an smeòrach le loinn
Dol na b'àirde:
Na raointean sgaoilt' mu'n cuairt
Fo'n driùchd bu ghlainne snuadh,
'S e sìleadh a-nuas orr'
Cho tlàthail.
Nam biodh fios aig daoine
Ann am bàiltean mór an t-saoghail
A' mhaise tha cho saor dhaibh
Ri amharc:
'S an t-slàinte tha 's na gaothan
Tha séideadh bhàrr an aonaich,
B'e miann is geall gach aon dhiubh
Bhi tàmh ann.
Cho fad' 's a bhios mi beò
Bidh m'inntinn dol le deòin
Gu taobh Loch Chatalone
Nan lios àluinn;
Lanntair chnoc is lag is òb,
Lòin is gleannanan a's bòidhch',
'S am faigh gach sean is òg
Gean is slàinte.