Mac Og An Iarla Ruaidh

[Fonn / Tune]



Hìllinn ìllinn iu ho rò,
Hìllinn ìllinn iu ho rò,
Hìllinn ìllinn iu ho rò,
Hìllinn ó hug ó ró ì.
Cha téid mise chaoidh le m'dheòin
Gu mac òg an Iarla Ruaidh
Gus an cuir a' bheinn ud shìos,
Cul-thaobh ris a' bheinn ud shuas.

Cha téid mise chaoidh le m'dheòin
Gu mac òg an Iarla Ruaidh
Gus an dèan an eala bhàn
Nead gu h-àrd air bhàrr nan stuadh.
Cha téid mise chaoidh le m'dheòin
Gu mac òg an Iarla Ruaidh
Gus an cuir am bradan breac
Trì chuir mhear an crò nan uan.

Thog a muime thall a ceann --
"'S gòrach leam do chainnt, a luaidh;
Bheir thu gaol roimh Fhéill-an-ròid
Do mhac òg an Iarla Ruaidh.
Cainnt nan òg-bhean tha mar dhrùchd
A nì grian a shùghadh suas;
Ma 'n tig Samhuinn bidh tu pòsd'
Aig mac òg an Iarla Ruaidh."

A' bheinn ud shìos 's a' bheinn ud shuas
Cha do chàraich riamh 's cha ghluais;
Ach thug Màiri gaol gun ghò
Do mhac òg an Iarla Ruaidh.
Tha 'n eala 'gur 'san eilean bhàn,
'S am bradan tarra-gheal feadh a' chuain,
'S tha Màiri nis 'na céile phòsd'
Aig Mac òg an Iarla Ruaidh.