Mhàiri Bhàn
[Séisd:]
Fal il e li bho, ‘Mhàiri bhàn,
Mhàiri bhàn, fal il e li bho
O gur truagh nach mi fhéin bha thall leat
Fal il e li bho, ‘Mhàiri bhàn.
Théid sinn fada ‘null, a Mhàiri bhàn,
Fada thall, chun nam beanntan àrd,’
Fada thall far an goir an smeorach,
Théid sinn fada ‘null, a Mhàiri bhàn.
Sùil mar dhearc fo’n driùchd a Mhàiri bhàn,
Slios mar eal’ anns an lochan fhàs,
Làmh mar ùr-shneachd is gruaidh mar chaorann,
Sùil mar dhearc fo’n driùchd, a Mhàiri bhàn.