Màiri Og
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
E hò rò gur tu mo rùn;
Thug mi gaol ‘s cha b’aithreach leam,
Mo cheist nìonag a’ chùil dhuinn,
‘S toigh leam fhìn mo Mhàiri òg.
Gura mise tha gu tinn,
‘M bothan beag ‘s mi leam fhìn,
Gun mheigead goibhre no meinn
‘S mór an t-ioghnadh mi bhi beò.
Gura mise tha fo mhulad,
‘M bothan beag an cois na tuinne;
B’fheàrr a bhi mar bha mi ‘n uiridh,
‘S a’ ghleann mhullaich am bi ‘n ceò.
Gleann na sìthne! Gleann an fhéidh!
Gleann nan uaislean ‘s nam fear treun!
Nuair a rachadh tu air ghleus,
Gum biodh mac-na-h-éild’ fo leòn.
Dh’fhalbh do mhàthair ‘s chaochail d’athair,
‘S chan eil do chàirdean ri’m faighinn;
‘S “ged tha mi gun chrodh, gun àighean,”
Mo chion-falaich Màiri òg!
Chan eil duin’-uasal a th’ann,
Eadar Nis a’s Loch-nan-Ceall,
Nach bi ‘maoidheadh air mo cheann,
Chionn bhi ‘n geall air Màiri òig.
Chan eil uasal no fear-fearainn
Eadar Muideart ‘s ceann Loch-Carthuinn
Nach eil an déidh air mo leannan,
Sùil a’ mheallaidh, Màiri òg.
Ged bu leamsa ‘n nighean ruadh,
Nighean Impire ‘n taoibh tuath,
‘S mór gum b’anns’ bhi sìnte suas,
Air druim a’ chuain le Màiri òig.
Ged bu leamsa ‘n nighean bhàn,
Le buaile chruidh, a’s le ‘cuid àil,
‘S mór gum b’anns’ a bhi mar tha,
‘S a bhi ‘n gràdh le Màiri òig.
A bhean-na-bainnse, tog do ghruaim,
‘S fhada leam a tha thu ‘d shuain;
Thoir Gleann-a-Màilibh ort a suas,
‘S bheir thu fuaim air dàmh nan cnoc.
Nuair a dhìreas mi ‘s a’ mhaduinn,
Gu Gleann-a-Cama-Dhoire bharraich,
Bidh mo ghunna caol fo m’achlais,
‘S dàmh nan cabar bidh fo leòn.
Nuair a théid mi ‘chur nan lìon,
‘S còimhdheas leatha muir a’s tìr;
Coma leam co bhios ‘s an lùib,
Ach an rìbhinn Màiri òg.
Mur biodh dhomh bhaintighearna bhàn,
Nighean oighre fir mo ghràidh,
Bheirinn sgrìob a sios gun dàil
‘Ghleann-a-Màilibh am bi ‘n ceò.