Maol-Ruanaidh Ghlinneachain

[Fonn / Tune]



Hà, ho rò, Maol-ruanaidh Ghlinneachain,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh,
Dh'fhalbh do mhàthair is thug i am fireach oirr',
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.

Dh'fhalbh do mhàthair is thug i am fireach oirr',
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh,
Dh'fhàg i an gleann 's na fèidh a' fuireach ann,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.

Dh'fhàg i an gleann 's na fèidh a' fuireach ann,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh,
'S ged nach tig an t-aon là thilleas i,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.

'S ged nach tig an t-aon là thilleas i,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.
Thug i am balg san robh do chuid mine leatha;
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.

Thug i am balg san robh do chuid mine leatha;
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.
Thug i chearc a bha air an spiris leatha;
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.

Thug i chearc a bha air an spiris leatha;
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.
'S ciod, a ghaoil a bhiodh tu sireadh orm,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.

'S ciod, a ghaoil a bhiodh tu sireadh orm,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.
'S nach eil ìm, no cia, no min agam,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.

'S nach eil ìm, no cia, no min agam,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.
Gheibh thu glùn, is mùirn, is mire bhuam,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.

Gheibh thu glùn, is mùirn, is mire bhuam,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.
'S tiugainn leam don t-sithein uraid ud,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.

'S tiugainn leam don t-sithean uraid ud,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh,
Hà ho rò, Maol-ruanaidh Ghlinneachain,
Hà, ho rò, Maol-ruanaidh.