Mar A Sguir Teàrlach Dhe'n Deoch-Làidir
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'S éiginn dhomh gu firinneach sguir dhe'n dram;
'S iomadh sgillinn mhill mi 's a chuir mi ann.
'S éiginn dhomh gu firinneach sguir dhe'n dram.
'S ann air oidhche Challuinn
Thachair mi ri Calum;
Thuirt e rium, "A charaid,
Saoil nach gabh thu dram?"
Thuirt mi ris gu sunndach,
"Cha chuirinn air cùl e,
'S o'n tha sinn cho dlùth dhà
Gheibh sinn druthag ann."
Thoisich sinn gu càirdeil,
Air òl nan deoch slàinte,
'S o'n bha 'n stùth cho làidir
Chaidh e 'n àird am cheann.
Cha b'fhad' gus an tàinig
Tuilleadh anns an àireamh,
Thoisich iad air capraid,
B'fheàrr nach robh mi ann.
'S e thuirt Ruairidh tàilleir,
"Càit' a bheil thu Theàrlaich,
Cha robh thus' ach garlach,
'S cheanglainn thu gu teann."
Cha robh siud ri éisdeachd,
Rinn am bodach éirigh,
'S ann am bad a chéile
Bha sinn féin air ball.
Ach bu duine Ruairidh
A bha deas aig tuasaid,
'S thàinig e mu'n cuairt,
Is bhuail e mi 's an sgall.
Bha mi ann am shìneadh
Cho ealamh ri naoidhean,
'S dh'fhairich mi gu cinnteach,
Bìgeil ann mo cheann.
Thàinig mac mo bhràthar,
A thogail mo thàileadh,
'S chuireadh e ri làr
Am fear a b'fheàrr a bh'ann.
Thàinig Anna Sheòrais,
Leig i air mo sgrobadh,
'S cha chreideadh Iain Òg
Gur i mo shròn a bh'ann.
'S mise nach robh sona
Le obair na mallachd,
'S cuide ris gach donas
Bha bhoineid air chall.
Siud far an robh 'n ùpraid
Fhad 's a dheànadh dùirn e,
'S aig deireadh na cùise,
Bha mo shùilean dall.
Nuair a sguir an t-sàbaid,
Threòraich iad mi dhachaidh;
Chuir iad mi 's an leabaidh,
Gu h-airtneulach fann.
Air maduinn am màireach,
Thachair mi air nabuidh,
Thuirt e rium le gàire,
"Theàrlaich bidh tu cam!"
Ach 's e càirdeas Chaluim,
Agus gaol an drama,
Choisinn dhomh mo phranndadh,
Anns a' bhail' ud thall.
Sud an obair gòrach
A bhith 's an tigh-òsda,
Toirt mo chuid do'n osdair
Dh'fhàg mo phocaid gann.
Mise 'nam chùis bhurta,
'G obair air a' ghruid ud,
'S e 'na chuir de dh'ùidh ann
Dh'fhàg cho rùisgt' mo chlann.
Ach a-nis a Mhàiri,
Càraide no nàmhaid,
Cha'n fhaic iad gu bràth mi,
Ris a' cheàird a bh'ann.
Bidh thu fhéin 's na pàisdean
Nis sona na bha sibh,
'S cha'n fhaicear do Theàrlaich
Le deoch-làidir dall.
Ach faodaidh an t-òsdair
Dol a thigh Iain Ghròta,
Cha toir mis' an còrr dha
Thug mi bòid cho teann.
Tha esan cho ròiceil
Air chosg an fhir ghòraich,
Ach cha chuir mi 'n còrr,
Am pocaid Ailein Ghrannd.