Marbhrann do Mhrs. Noble

[Fonn / Tune]



An-nochd 's luaineach mo chadal,
'S mi ri gluasad 'nam leabaidh gun tàmh,
Leis a' bhruaillean 's th'air m'aigne,
O cha duilich dhomh fada bhi slàn.
Chuir mi céile mo leapa
Ann an ciste chaoil, glaiste nan clàr;
'S trom a' chìs thug an t-eug dhìom,
Bidh mi cumha mu d'dhéidhinn gu bràth.

B'e seo bliadhna mo chlisgidh,
'N ochd ceud diag 's an dà fhichead 's a trì,
'N dara miosa de'n t-samhradh,
'S a' cheud là dheth, thug teann orm sgrìob;
Nuair a chàirich mi, ghaoil, thu,
Ann an leine de'n chaol-anart ghrinn,
'S tu gun chlaisteachd gun léirsinn,
'S goirt an t-saighead bha reubadh mo chridh'.

'S i do ghnùis a bha àluinn,
'S gu'm bi teisteanas chàich ort gu'm b'fhìor;
Bha do phearsa gun fhàilinn,
Bho do mhullach gu sàiltean do bhuinn;
Bha do ghruaidh mar na ròsan,
Slìos mar eala nan lòn air na tuinn;
'S e bhi d'chumha mo chòmhradh,
Is cha téid thu ri'm bheò as mo chuimhn'.

Leam is duilich do phàisdean,
Gur a lag iad 's gun mhàthair ri'n cùl;
'S iad mar luing air a fuadach,
Ann an annradh a' chuain far a curs';
Tha i 'n cunnart gach stuaidhe,
Bhrist na ceanglaichean, dh'fhuasgail an stiùir;
Tha chàirt-iùil air a sracadh,
Dh'fhalbh a' chombaist, na slatan, 's na siùil.

Thàinig dìth air an fhardaich,
Nuair a dh'éirich muir-bàite fo chnoc;
Thuit craobh-ubhal mo gharaidh,
'S gu'n do fhroiseadh am blàth feadh an fheòir;
Chaidh mo choinneal a smaladh,
Bu ghlan solus a' deàrrsadh mu'n bhòrd;
Bhrist an gloine bha 'm sgàthan,
Dh'fhalbh an daoimean a m'fhàinne ghlain òir.

'S i do shùil bu ghlan sealladh,
Cha robh gruaim air do mhala no sgraing;
Bha thu fiùghantach fialaidh,
'S tu bu shiobhalta briathran is cainnt;
'S i do làmh nach biodh dìomhain,
'S bu ghlan obair bho d'mhiaran gun mheang;
'S ann an-nochd tha mi cianail,
'S e bhi d'ionndrainn a liath mi ro'n àm.

Gu dé 'n stàth dhomh bhi 'g iomradh
Air do bheus bho'n a dh'fhalbh thu 's nach till;
'S ann tha 'n sean-fhacal dearbhte --
Dh'fhiosraich pàirt e bhi searbh anns gach linn --
Gu 'm bi dùil ri beul fairge,
'S nach bi dùil ri beul reilig' a chaoidh;
Dh'fhàg sin mise mar bhalbhan,
'S bidh mi tarruing le m'sheanachas gu crich.