Mhàiri Dhubh 'S Na Hù-o-Hó
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Mhàiri dhubh 's na hù-o-hó,
Mhàiri dhubh 's na hù-o-hó,
Mhàiri ghuanach 's na hog-ì
'S a Mhàiri ghaolach 's toigh leam thu,
A Mhàiri dhubh 's na hù-o-hó.
Tha mo bheannachd aig an tìr,
Anns na dh'àraicheadh mi fhìn;
Tìr nam beann, nan gleann, 's an fhraoich,
Is tìr mo ghaoil ged chanainn e,
A Mhàiri dhubh 's na hù-o-hó.
Mhàiri bheag 's tu m'ùidh is m'annsachd,
Tha do dha shùil ghorm mar shamhradh,
Dh'aom gach là gu duibhre geamhraidh,
Bho'n a chaill mi 'n sealladh ort,
A Mhàiri dhubh 's na hù-o-hó.
Mhàiri ud a tha leat fhéin,
Tional chruidh air leathad réidh,
'S binn do ghuth na fiodhall air ghleus,
'S na teudan air an teannachadh.
A Mhàiri dhubh 's na hù-o-hó.
Ged tha Màiri dubh le càch,
Tha i geal le fear a gràidh,
'S i mar shneachd ri tighinn gu làr,
'S mar chraoibh 'si làn do dhearcagan,
'S mór gu'm b'fheàrr a bhi le Màiri,
'M bothan beag, air cùl a' ghàraidh,
Na le t'éil an lùchairt àluinn,
Ged bhiodh sràidean Lunnain aic',
A Mhàiri dhubh 's na hù-o-hó.