Mhic Iarla nam Bratach Bàna
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'Illean beag ò 'ill ò ro,
'Illean beag ò 'ill ò ro,
'Illean beag ò 'ill ò ro,
Hi òireann o hu o èile.
A bhean ud thall a nì 'n gàire,
A bhean ud thall a nì 'n gàire,
A bhean ud thall a nì 'n gàire,
Nach truagh leat piuthar gun bhràthair?
Nach truagh leat piuthar gun bhràthair?
Nach truagh leat piuthar gun bhràthair?
Nach truagh leat piuthar gun bhràthair?
Is bean òg gun chéile 'n làthair?
Is bean òg gun chéile 'n làthair?
Is bean òg, [srl.]
'S gur h-ionnan sin 's mar a tha mi.
M'inntinn trom, m'fhonn air m'fhàgail,
Mu'n fhiùrain fhoghainneach àluinn,
Sealgair sìdhn' o fhrith nan àrdbheann,
'S an ròin léith o bheul an t-sàile,
An earba bheag a dh'fhalbhas stàtail,
Le crios iallach uallach airgid
Air uachdar a léine bàineadh.
Mhic Iarla nam bratach bàna,
Chunna mi do long air sàile.
Bha stiùir òir oirr' 's dà chrann airgid.
'S cupla de shìoda na Gailbhinn.
Cha b'ann an Glaschu bha e.
No'n Dùn Bheagain 's beag on làr e.
No'n Dùn Tuilm nam bratach bàna.