Mhnathan a' Ghlinne Seo
[Fonn / Tune]
A' mhnathan a' ghlinn seo,
'Ghlinne seo, 'ghlinne seo,
'Mnathan a' ghlinne seo,
'S mithich dhuibh éiridh.
'S mise rinn moch-éiridh,
'Mhoch-éiridh, 'mhoch-éiridh,
'S mise rinn 'mhoch-éiridh,
Agaibh-s' bha feum air.
Mharbh iad am buachaille,
'M buachaille, 'm buachaille,
Mharbh iad am buachaille,
Bha 'cuallach na spréidhe.
An crodh air an togail,
An crodh air an togail,
An crodh air an togail,
'S na fir air an reubadh.
'S Iain dubh, biorach, dubh,
Iain dubh, biorach, dubh,
'S Iain dubh, biorach, dubh,
'G iomain na sprèidhe.
A mhnathan a' ghlinne seo,
'Ghlinne seo, 'ghlinne seo,
'Mhnathan a' ghlinne seo,
'S mithich dhuibh éiridh.