Mhurchaidh Bhig, A Chinn A' Chonais
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
E ho hao rì hó,
Hao i hog i hó rò.
Mhurchaidh bhig a chinn a' chonais,
Chan ioghnadh tu dhol a dholaidh.
Chan ioghnadh tu dhol a dholaidh,
Tha do leabaidh 'san uaimh fhalaich.
Tha do leabaidh, [etc.]
Ann an là Fhéill Phàdraig earraich.
'S ann air Coinneach tha ghruag dhuilleach,
Chan ioghnadh leam siud, 's cha b'fhuilear
Tobar fìona bhith 'na mhullach,
Triùir chlann an rìgh 'ga thunnadh;
'S ann òlainn tunna ri tunna,
'S gum buailinn buille ri buille,
Ge bu treasa mi na curaidh --
'S ann le Diarmaid Donn gun cuirinn,
Leis a dh'éireadh na fir uile,
Dh'éireadh Bran leis, dh'éireadh Brian leis,
Dh'éireadh oighre Bail' Ath' Cliath leis,
Dh'éireadh siud le Diarmaid innein.
'S anmoch gu faca mi 'n raoir
Fear breacain duinn air a' ghleann,
Dh'fhaoiltich mo chridhe ri cheum,
Shaoil mi gur h-e fhéin a bh'ann
Sealgair sìdhne nan damh seang,
Nach giùlain an t-earradh trom.
M'eudail mhór do dh'fhir an domhain,
Dh'fhalbh mu thuath 's nach d'fhuair na cnothan,
'S truagh nach robh agam ceann-gnothaich,
Dha'n bhaidein choilleadh seo romham.
M'eudail mhór 's a Rìgh na gréineadh,
'S minig dha'n géilleadh bean fir eile;
Nuair a cheilear air an solus,
Bheir e shùil air dorus eile.