Mìle Marbhphaisg Air A' Ghaol

[Fonn / Tune]



Mìle marbhphaisg air a' ghaol,
O hi rì ri ri ri iù,
Asam fhìn a thug e claoidh,
Hò i ù a hò hug ò,
Hò i ù a hò i ù,
Haoi ri ù a hò hug ò.



Asam fhìn a thug e claoidh,
O hi rì, [etc.]
Sgoilt e mo chridhe 'nam chom,
Hò i ù, [etc.]

Sgoilt e mo chridhe 'nam chom,
Dh'fhuasgail 'm falt far mo chinn.

Cha téid mi gu mac a' mhaoir,
Na idir gu mac an t-saoir.

Na idir gu mac an t-saoir,
Cha téid mise, cha téid mi.

Cha téid mise, cha téid mi,
Cha téid mi le fear 'san tìr.

Cha téid mi le fear 'san tìr,
Gus an tig mo leannan fhìn.

Gus an tig mo leannan fhìn,
Gìomanach a' ghunna chaoil.

Gìomanach a' ghunna chaoil,
Leagadh an eal' air a taobh.

Leagadh an eal' air a taobh,
'S earba bheag nan geàrr-chas caol.